ulpan

Teirmichean is cumhaichean

Fàilte chun an làraich-lìn againn. Bidh an dàimh eadar sinne agus thusa, mun làrach-lìn seo, ga riaghladh le poileasaidh prìobhaiteachd Dheiseil, agus leis na teirmean agus cumhachan a leanas. Ma chumas tu ort a' brobhsadh, tha thu a' daingneachadh gu bheil thu ag aontachadh agus gum bi thu ceangailte riutha. Mur h-eil thu ag aontachadh ri càil sna teirmean is sna cumhachan seo, nach sguir thu a' tadhail air an làrach-lìn seo. 'S e buidheann-seilbhe an làraich-lìn a bhios na teirmean 'Deiseal Ltd' no 'Ùlpan' no 'sinn' a' ciallachadh, aig a bheil an seòladh-postachd: 14 Marclann Hopeward, Dealgadaidh, Fìobha, KY11 9TB. Seo seòladh clàraichte a' Chompanaidh: 8 Sràid Wentworth, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach, IV51 9EJ. Seo àireamh-clàraidh a' Chompanaidh: SC335449. 'S e neach-cleachdaidh no neach-amhairc an làrach-lìn againn a bhios an teirm 'thu' a' ciallachadh. Chan fhaod an làrach-lìn seo a chur gu feum ach fo na cumhachan a leanas: 'S ann a-mhàin son cleachdadh cumanta agus fiosrachadh a roinn riut a bhios brìgh nan duilleagan seo. Gabhaidh an atharrachadh gun rabhadh. Bidh an làrach-lìn seo a' cleachdadh fhaidhlichean-cèilidh ri toilean a' bhrobhsair agad a chlàradh. Mur diùlt thu oibreachadh nam faidhlichean-cèilidh, bidh am fiosrachadh pearsanta a leanas ga thasgadh againn agus ga chleachdadh aig treas phàrtaidhean, 's dòcha: • ainm na h-àrainn-lìn as àirde agad (mar eisimpleir www.google.co.uk) • seòladh an fhrithealaiche agad (mar eisimpleir 987.654.32.1) • dèit agus uair do thadhail air an làrach • na duilleagan a chunnacas • an seòrsa brobhsair a th' agad • an siostam-obrachaidh a th' agad (mar eisimpleir Apple Mac, Windows, etc.) Cha bhi sinn a' làimhseachadh fiosrachadh pearsanta, a bhios ga bhuain leis an làrach-lìn, ach airson nan adhbharan a leanas: • dèiligeadh ri iarrtasan agus ceistean bhuat • an cùnntas agad a riannachadh • fiosrachadh a chumail ceart ri bhith na bhall-acainn sgrùdaidh no na ghoireas cumanta • aithisgean staitistigeil a thoirt do mhaoinearan agus do chompàirtichean eile • sgrùdadh na margaid a ghabhail os làimh • naidheachd a thoirt dhut air na gnìomhan againn Chan fhaighear barrantas air fiosrachadh an làraich-lìn seo airson adhbhar àraid sam bith a' crochadh air pongalachd, tràthachd, co-iomlanachd no freagarrachd. Tha thu a' daingneachadh gum faodadh a leithid de dh' fhiosrachadh a bhith mearachdach ceàrr agus gum bi sinn saor o fhiachanas sam bith air sàilleabh mhearrachdan chun na h-inbhe as àirde a bhios ceadaichte fo lagh. 'S ann leatsa a-mhàin a bhios cunnart sam bith a dh'èiricheas bho chleachdadh stuthan agus fiosrachadh an làraich-lìn seo, agus chan ann leinne a bhios fiachanas sam bith. A thuilleadh, 's e d' fhiachanas a-mhàin ri dèanamh cinnteach gum freagair bathar no seirbhisean no fiosrachadh a gheibh thu tron làrach-lìn seo air do chuid fheumalachdan, as bith dè th' annta. Gheibhear air an làrach-lìn seo stuthan a tha nar seilbh no a tha ceadaichte dhuinn cleachdadh fo chùmhnant. 'S e seo, ach chan e a-mhàin: dealbhachadh, eagrachadh, cruth, dreach agus dealbhan. Chan eil dèanamh lethbhreac dhiubh ceadaichte idir, ach a-rèir sanas nan còirichean innleachdail a tha na phàirt de na teirmean is cumhachan seo. Bidh an làrach-lin seo a' leigeil leatsa a-mhàin a ruigsinn gu stuth-ionnsachaidh nan oileanach 's nan oidean, ma tha tu clàraichte. Tha e toirmisgte a bhith a' leigeil le cuideigin eile an t-ainm-cleachdaidh no am facal-faire agad a chleachdadh. Cumar sùil fad an t-siubhail air luchdachadh a-nuas de stuthan. Bidh comharra-dèit air a h-uile stuth a ghabhas luchdachadh a-nuas aig oidean agus bidh àireamh-aithneachaidh an oide orra cuideachd. Bidh Teirmean is Cumhachan a bharrachd nam pàirt den chùmhnant-oide. Gheibhear an seo iad: Mur ann leinne a tha corra-malairt a nochdas air an làrach-lìn seo, no mura h-eil cead againn ri chleachdadh, tha seo aithnichte air an làrach-lìn. Dh'fhaodadh a bhith na eucoir ma chleachdar an làrach-lìn seo gun chead, agus bhiodh còir againn ri dìoladh agairt. Nochdaidh ceanglaichean gu làraich-lìn eile bhon làrach-sa bho àm gu àm. 'S ann son tuilleadh fiosrachaidh agus cobhair a thoirt dhut a bhios iad gan solar. Chan eil ciall ann idir gu bheil sinn a' moladh a leithid de làrach-lìn. Chan eil fiachanas againn air brìgh sam bith a nochdas an làrach-lìn ceangailte rinn. Bidh connspaid sam bidh a dh'èiricheas air sàilleabh do cleachdadh an làrach-lìn ga dèiligeadh rithe a-rèir laghan Shasainn, Èirinn a Tuath, na h-Alba agus na Cuimrigh.

1.0