ulpan

Poileasaidh neo-thaisbeanaidh

Poileasaidh Prìobhaiteachd

Nuair a chleachdas tu an làraich-lìn seo, bheir thu fiosrachadh do Dheiseal Ltd. Tha am poileasaidh prìobhaiteachd seo a' dèanamh soilleir mar a bhios sinn a' dìon do chuid fhiosrachaidh agus ga cur gu feum.

Nì Deiseal Ltd cinnteach gun dìonar do phrìobhaiteachd. Faodaidh tu a bhith an earbsa nach tèid fiosrachadh sam bith leis an aithnichear thu a chleachdadh ach a-rèir na sgrìobhainn prìobhaiteachd seo, ma dh'iarras sinn càil ort 's tusa a' cleachdadh an làraich-lìn.

Gabhaidh am poileasaidh seo atharrachadh aig Deiseal Ltd bho àm gu àm le ath-ùrachadh na duilleig seo. Bu chòir dhut sùil a thoirt air an duilleig seo bho àm gu àm ach an aontaich thu gu tùr le atharraidhean sam bith. Tòisichidh am poileasaidh seo an 30mh den t-Sultain 2012.

Dè bhios sinn a' cruinneachadh?

Bidh sinn a' cruinneachadh an fhiosrachaidh a leanas:

ainm agus tiotal-obrach
seòlaidhean agus àireamhan: dachaigh, post-d, fòn agus fòn-làimhe
fiosrachadh deamografach, mar eisimpleir, còd-puist, toilean agus cùisean ùidheil dhut
ìre do chuid Gàidhlig an-dràsta
càit agus cuin a dh'ionnsaich thu Gàidhlig roimhe seo
tuilleadh fiosrachaidh as iomchaidh do shuirbhidhean luchd-ceannach, agus/no do thairgsean.

Dè nì sinn leis na bhios sinn a' cruinneachadh?

Airson 's gu toir sinn seirbheis a dh'fhàsas nas fheàrr dhut, feumaidh sinn fiosrachadh air do chuid fheumalachdan, agus gu sònraichte, son na h-adhbharran a leanas:

clàraidhean a' Chompanaidh a chumail ceart
na seirbhisean agus am bathar againn a leasachadh, 's dòcha
ma bhios bathar ùr ann no tairgsean no fiosrachadh eile anns am bi ùidh agad, b' urrainn dhuinn innse dhut man deidhinn tron t-seòladh post-d a sholar thu, 's dòcha
fios a leigeil thugad uaireannan, ma thogras sinn rannsachadh na margaid a ghabhail os làimh. Bhiodh seo tro phost-d no phost àbhaisteach no le fòn no facs. Gabhaidh am fiosrachadh seo a chleachdadh son 's gun seall an làrach-lìn na cùisean anns am bi ùidh agad, 's dòcha.

Tèarainteachd

Tha e na phrìomhachas dhuinn gum bi do chuid fhiosrachaidh tèarainte. Tha dìon fiosaigeach is teicneòlach gan stèidheachadh 's gan stiùireadh againn gus nach fhaigh daoine gun chead grèim no cothrom fhoillseachaidh air an fhiosrachadh a chruinnicheas sinn bhuat.

Mar a chuireas sinn faidhlichean-cèilidh gu feum

'S e faidhle beag a th' ann am faidhle-cèilidh a dh'iarras cead ort ri tuineachadh air clàr-cruaidh a' choimpiutair agad. Ma leigeas tu leis, tòisichidh am faidhle-cèilidh air trafaig an eadar-lìn a sgrùdadh agus innsidh e dhut nuair a bhios tu a' tadhal air làrach àraidh. Thèid aig aplacaidean-lìn air d' aithneachadh gu pearsanta air sgàth nam faidhlichean-cèilidh. Bidh an aplacaid-lìn ag atharrachadh mar a dh'oibricheas i a-rèir do chuid fheumalachdan agus do thoilean, fhad 's a bhios i a' cruinneachadh fiosrachadh air na thaghas tu.

Bidh sinne a' cleachdadh fhaidhlichean-cèilidh a chlàraicheas trafaig nan duilleagan-lìn. 'S e cuideachadh dhuinn a tha seo gus tuigsinn cò na duilleagan anns am bi ùidh agad, agus le sin, thèid againn air an làrach atharrachadh a-rèir feumalachdan nan luchd-ceannach againn. Bidh an dàta seo ga dhubhadh às an t-siostam, às dèidh dhuinn a chur gu feum son adhbharan staitistigeil a-mhàin.

Gabhaidh làrach-lìn nas fheàrr a sholar dhut air sgàth fhaidhlichean-cèilidh, leis gum faic sinn cò na duilleagan a bhios feumail gus nach eil. Taobh a-muigh air an dàta a roinneas tusa rinn, chan eil dòigh sam bith ann as urrainn dhuinn fiosrachadh mud dheidhinn a bhuain às a' choimpiutair agad le faidhle-cèilidh.

'S urrainn dhut taghadh an gabh thu ri faidhlichean-cèilidh gus nach gabh. Mar as trice, gabhaidh atharrachadh air mar a bhios brabhsairean-lìn ag oibreachadh agus ma thogras tu, cha ghabh iad ri faidhlichean-cèilidh ann, ged a bhios a' mhòr-chuid dhiubh a' gabhail riutha gun deasbad. 'S dòcha nach fhaigh thu brod an làraich-lìn, ma thoirmisgeas tu faidhlichean-cèilidh uile gu lèir.

Seo na faidhlichean-cèilidh a th' againn:

Riatanach dha-rìribh

Seach gu bheil tuilleadh ghoireasan ri fhaighinn, ma bhios tu air do logadh a-steach, bidh an làrach-lìn a' cur faidhle-cèilidh gu feum ri tuigsinn an e Oileanach, Oide no Solaraiche-cùrsa a th' annad. Cumaidh am faidhle-cèilidh seo an làrach-lìn a' dol mar bu chòir, agus bidh e a' riaghladh an t-seisein fhèin.

Faidhlichean-cèilidh neo-ainmichte air oibreachadh (do-riatanach)

'S ann às leth treas pàrtaidh a bhios na faidhlichean-cèilidh seo gan stèidheachadh. Bidh iad a' cruinneachadh dàta air cò na duilleagan air am fritheal luchd-tadhail as trice, agus air ceanglaichean briste no air duilleagan a dhìth. Tha am fiosrachadh seo gu tùr neo-ainmichte agus bidh e gar cuideachadh le leasachadh dòigh-oibreachaidh an làraich-lìn.

Ceanglaichean gu làraich-lìn eile

Bidh ceanglaichean gu làraich-lìn ùidheil eile bhon làrach-lìn againn, 's dòcha. Ach, às dèidh dhut air fear dhiubh a bhriogadh agus an làrach againn fhàgail, feumaidh tu tuigsinn nach bi smachd againn nas motha air dè thachras. Mar sin dheth, bidh ar dleastanas dhut air tighinn gu crìch agus cha bhi do phrìobhaideachd no do chuid fhiosrachaidh gan dìon 's tusa far na duilleagan againne, agus taobh a-muigh air teirmean na sgrìobhainn prìobhaideachd seo. B' fheàirrde thu a bhith air d' fhaicill ge-tà, agus sùil a thoirt air sgrìobhainn phrìobhaideachd an làraich-lìn ud.

Cumail smachd air do chuid fhiosrachaidh

Tha còir agad ri cuingealachadh a chur air cruinneachadh agus cleachdadh do chuid fhiosrachaidh sna dòighean a leanas:

faodaidh tu briogadh sa bogsa a sheallas nach bu toil leat am fiosrachadh a bhith ga chleachdadh son adhbharan margaideachd-dhìrich, uair sam bith a thèid iarraidh ort foirm air làrach-lìn a lìonadh a-steach
faodaidh tu sgrìobhaidh thugainn no post-d a chur gu oifis@deiseal.co.uk uair sam bith a thig caochladh smuain ort, ma tha thu air aontachadh roimhe gum faod sinn do chuid fhiosrachaidh a chur gu feum son adhbharan margaideachd-dhìrich.

Cha reic 's cha sgaoil 's cha toir sinn seachad air mhàl do chuid fhiosrachaidh do threas phàrtaidhean, ach ma leigeas tu leinn, no 's fheudar dhuinn sin air adhbharran laghail. 'S dòcha gun cleachd sinn do chuid fhiosrachaidh ri innse dhut mu threas phàrtaidhean a bhiodh ùidheil dhut nar beachd, ma leigeas tu leinn sin a dhèanamh.

Faodaidh tu iarraidh oirnn lethbhreac den fhiosrachadh a th' againn ort fo Achd Dìon an Dàta 1998. Bidh cìs bheag ri pàigheadh air a shon. Ma bu toil leat a leithid de lethbhreac, nach sgrìobh thu gu 14 Marclann Hopeward, Dealgadaidh, Fìobha, KY11 9TB.

Ma bhios tu den bheachd gu bheil gin den fhiosrachadh a th' againn ort ceàrr no neo-iomlan, nach sgrìobh thu thugainn chun an t-seòladh gu h-àrd gun dàil. Ceartaichear fiosrachadh sam bith nach eil buileach mar bu chòir.

1.0