ulpan"

Leabhar-d an-asgaidh - The Road to Fluency

Leabhar-d do luchd-ionnsachaidh

Road to fluencyA bharrachd air na faidhlichean-fuaim do dh'oileanaich, tha sinn air leabhar beag a sgrìobhadh, le fiosrachadh feumail air na b' urrainn dhut dèanamh aig an taigh, eadar na clasaichean agad, airson adhartas a dhèanamh sa chànan.  Faodaidh tu an leabhar seo fhaighinn tron chunntas agad, tron làrach-lìn Ùlpan.  

Faodaidh tu clàradh son cunntas an seo ulpan.co.uk/register

Tha fiosrachadh ann air goireasan a th' ann do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, 's a' mhòr-cuid dhiubh ri fhaodainn saor 's an asgaidh air an eadar-lìon.  Tha taic 's stiùireadh ann cuideachd air na b' urrainn dhut dèanamh aig an taigh.  Tha sinn 'n dòchas gum bi seo gad bhrosnachadh agus gad thoirt nas fhaisge air fileantas!

Thoir sùil air an leabhar gus faodainn a-mach de bhios ag obair dhutsa.  Mar a tha fhios againn uile, chan eil e furasta a bhith ag ionnsachadh cànan, agus nam b’ urrainn dut beagan Gàidhlig a chleachdadh gach latha, nì thu deagh adhartas sa chànan.  Gur math a thèid leat!

1.0.1