ulpan"

Teacsadh ro-innseach ann an Gàidhlig

No, mar a chanas iad, predictive texting...

Predictive TextAnn an co-obrachadh eadar an t-Ollamh Kevin Scannell aig Oilthigh St Louis, Mìcheal Bauer o Ghoireasan Gàidhlig Akerbeltz agus companaidh Bhreatannach air a bheil KeyPoint Technologies agus a tha an sàs leasachadh bathar-bog Open Source, dhealbh iad gleus a dh’obraicheas air fòn Android sam bith agus a tha saor an-asgaidh dhan a h-uile duine.

Thòisich iad air a’ phròiseact seo an-uiridh agus chaidh an aplacaid Ghàidhlig a chur air bhog - dè cho iomchaidh ʼs a tha sin - Oidhche Shamhna! Tha faclairean eile ri fhaighinn na lùib cuideachd, m.e. Beurla, agus leis a sin, tha e furasta furasta leumadh eadar an dà chànan. A-rèir buidheann teicneolais Nascanna.com ann an Èirinn, ʼs e seo an gleus as fhearr d’ a leithid aig an àm seo a th’ ann!

Tha e ri fhaighinn ann am bùth Google Play na nithear lorg airson “Adaptxt”. Agus ma tha beagan stiùiridh mu dhèidhinn a dhìth, gheibh sibh sin air Fòram na Gàidhlig an cois iomadh glacadh-sgrìn.

Agus mas e gràdhaichte chànan a th’ annad - tha e ri làimh ann an Gaeilge agus Gaelg cuideachd!

1.0.1