ulpan"

Cleachdadh rèidio is TBh gus Gàidhlig ionnsachadh

Tha ionnsachadh cànain car coltach ri ionnsachadh ionnsramaid ciùil – ma tha thu airson piseach a dhèanamh innte, feumaidh tu a cleachdadh gu glè thric eadar nan clasaichean.

Tha ionnsachadh cànain car coltach ri ionnsachadh ionnsramaid ciùil – ma tha thu airson piseach a dhèanamh innte, feumaidh tu a cleachdadh gu glè thric eadar nan clasaichean. Ach, chan eil sin a' ciallachadh gum bi thu a' cabadaich fad uairean a thìde gach latha leis na caraidean as fheàrr agad, ged a bhiodh sin anabarrach fhèin feumail (ach, na dìochuimhnich gur e dòigh uamharraidh mhath eile ri do chuid ionnsachaidh a thoirt air adhart a th' ann am bruidhinn gu cunnbhalach - Gàidhlig a-mhàin - air a' fòn). Tha iomadach slighe eile ann gus do thuigse air Gàidhlig 's ise ga bruidhinn agus leud do stòras fhaclan a leasachadh. Thoir còmhradh sa Ghàidhlig a-steach don taigh agad fhèin, no às bith càit am bi thu ag ionnsachadh, tro mheadhanan didseatach.

Tha goireas air leth saidhbhir againn ann am BBC: air rèidio, telebhisean agus air loidhne. Lorgaidh tu caochladh artigeilean taitneach agus feumail air an làrach-lìn aca, cho math ris na naidheachdan air an ùrachadh gach latha. 'S e eisimpleir shònraichte mhath dheth a th' ann an Litir do Luchd Ionnsachaidhagus An Litir Bheag.

Dìreach an-dràsta, tha prògram ann bho Radio nan Gàidheal air a bheil "Tocher @ 40". 'S e iris a th' ann an Tocher a thathas ga fhoillseachadh a nise le Sgoil Eòlais na h-Alba còrr is an dà fhichead bliadhna - stòras de dh'òrain, dhualchas, sheanchas 's tòrr a bharrachd. Sa phrògram, thèid bruidhinn air diofar sgeulachdan a nochd ann an Tocher air feadh nam bliadhna agus bhiodh e làn ùidh do luchd-ionnsachaidh 's dòcha.

'S e rudeigin gu tùr eadar-dhealaichte a th' ann an "Grinn", prògram TBh bho BBC Alba, Oidhche Haoine. Gach seachdain, gheibh neach fòrtanach comhairle fasain agus maiseachadh bhon sgioba Grinn. Cluinnidh tu dualchainntean eadar-dhealaichte bho na daoine a tha a' nochdadh air a' phrògram, rud a tha gu math bitheanta an latha an-diugh, agus seach gu bheil an suidheachadh furasta a thuigsinn, fàsaidh tu eòlach air briathrachas fasan gun mòran duighleadasan. Tha a' phrògram seo spòrsail agus gu h-ìre mhath furasta ra leantainn – taghta do luchd-ionnsachaidh. 'S ma dh'fhaoidte gum biodh tu son còmhradh air stoidhle a thòiseachadh aig an ath chlas Ùlpan agad?!

Ach facal comhairle ortsa ge-tà - nuair a bhios tu a' coimhead 's ag èisteachd ri stuth air loidhne, dèan turas no a dhà e gun a bhith a' leughadh nam fo-thiotalan no teacsa sam bith eile a thig na lùib. Coimhead air prògraman iPlayer a' BhBC co-dhiù dà thuras le pìos cairt a' còmhdachadh bun na sgrìne gus nach leugh thu na fo-thiotalan ann. Cuidichidh seo thu ri d' aire a chumail air a' Ghàidhlig, an àite a bhith a' togail ciall na Beurla a-mhàin. Theagamh, tha do chuid Beurla math gu leòr mar-thà!

Gheibh thu an t-uabhas de phrògraman TBh 's rèidio agus stuth air loidhne bho www.bbc.co.uk/alba Nach leig thu fios thugainn mar a thèid leat tron bhlog ùr againn.

Luc mhath!

1.0.1