ulpan"

Teagasg

Thòisich an siostam teagaisg seo ann an Iosrael sna 1940s agus tha e air a bhith ga leasachadh on uair sin. An-diugh, tha ar nàbaidhean Ceilteach sa Bhreatainn Bhig agus sa Chuimrigh ga chleachdadh gu soirbheachail cuideachd. Tha gach seisean air a dhealbhachadh, gus an urrainn do neach aig nach eil teisteanas ann am foghlam a chuid Ghàidhlig a theagasg do dhaoine eile. Agus, le luchd-teagaisg neo-eisimeileach air feadh na dùthcha, tha pròiseact Ùlpan airson cothroman obrach a chruthachadh do Ghàidheil.

Tha a' phrìs a' crochadh air an t-suidheachadh agad. 'S e £400 a' phrìs iomlan. Mar as àbhaist, bidh am fastaidhear ag iarraidh ort teagasg a dhèanamh dhaibh, fo chùmhnant goirid. 'S dòcha gun gabh Individual Learning Account SDS a chleachdadh. Feuch gum bruidhinn thu rinn co-dhiù, oir 's àbhaist do dhòighean maoineachaidh eile a bhith ann agus bu toil leinn do chuideachadh le sin.

Faodaidh tu trèanadh cho fad 's a tha thu:

 

'S e cùrsa gu tur practaigeach a th' ann le deagh mheasgachadh de sgilean ùra agus cothrom a bhith a’ sealltainn air daoine eile a' teagasg.

Coltach ri bhith ag ionnsachadh dràibheadh, 's fheàrr dhut tòiseachadh, agus clas (no clasaichean!) a chur air dòigh, cho luath 's a ghabhas às dèidh dhut teisteanas fhaighinn. Gheibh thu taic leantainneach bho Dhesieal gus fastaidhearan a lorg - a leithid Iomairtean Gàidhlig, colaistean ’s comhairlean - no gus clasaichean a chur air dòigh air do cheann fhèin. Ge bith dè as fheàrr leat, bidh an sgioba an-còmhnaidh deiseil gus do chuideachadh leis a h-uile sìon a thaobh teagaisg is rianachd.

Nam bu toil leat a bhith nad oide, no ma tha thu airson tuilleadh ionnsachadh mu Ùlpan, nach cuir thu fios gu oidean@ulpan.co.uk.

 

1.0.1