ulpan"

Bàthar

A bharrachd air na cairtean a tha fodha, tha bùth againn a' reic lèintean-tee. Rach ann!

Bùth

 

Cairtean na Gàidhlig

 

Dè th' annta?

'S e càraid de chairtean lannaichte dà-thaobhach a th' annta, a nì mìneachadh air feadhainn de na puingean gramataigeach as dorra sa chànan. Bheir iad cobhair araon do dh'fhileantaich agus do luchd-ionnsachaidh.

Cairtean

Nach fhaigh mi an stuth seo ann am faclairean agus ann an leabhraichean gràmair?

Gheibh 's chan fhaigh. Tha am fiosrachadh seo ri fhaighinn ann an àiteachan eile ceart gu leòr, ach chan fhaighear a h-uile sian a tha seo ann an cruth cho dùmhail, a ghabhas giùlan gu furasta, agus sgrìobhte a-rèir GOCII. Seo feartan sònraichte eile:

Càit an ceannaich mi iad?

Cuiridh sinn thugad gu dìreach sa phost iad, ma thogras tu (£4.50/càraid+postachd). Nach cuir thu òrdagh thugainn. Tha prìs mòr-reic ri fhaighinn cuideachd ma dh'iarras tu i. Air an làimh eile gabhaidh òrdaidhean a chur air loidhne gu Comhairle nan Leabhraichean no gabhaidh an ceannach aghaidh ri aghaidh anns a' bhuth aca:

32 Sràid Achadh a' Mhansa, Glaschu, G11 5QP

0141 337 6211

http://www.gaelicbooks.org

1.0.1