ulpan"

Ionnsachadh

Dè th' ann an Ùlpan? | Carson a dh'ionnsaicheas mi Gàidhlig? 

Ciamar a bhios Ùlpan ag oibreachadh? | Ciamar a lorgas mi clas?

Dè th' ann an Ùlpan?

full logo‘S e dòigh ùr gus Gàidhlig ionnsachadh a th’ ann an Ùlpan. 

Tha e ag amas air sgilean labhairt ‘s èisteachd seach sgrìobhadh no gràmar, agus seo a’ toirt cothrom ùr do dh’oileanaich easgaidh a tha dha-rìribh ag iarraidh Gàidhlig a bhruidhinn.  Tha e cuideachd ag amas air fuaimneachadh Gàidhealach, rudeigin a tha cudromach dha mòran oileanaich.

Tha 144 aonadan sa chùrsa Ùlpan, uile air an rassachadh, agus thèid an cùrsa a theagasg le oidean trèanta. Gu tric, thèid clasaichean a theagasg le sgioba dhe oidean diofraichte, 's seo a' toirt an cothrom dha oileanaich blasan eadar-dhealaichte a chluinntinn - mar a chluinneas iad taobh a-muigh an t-seòmar teagaisg.

Bhon a chaidh a chur air bhonn ann an 2007, tha còrr 's 2,000 oileanach air tòiseachadh air ionnsachadh na Gàidhlig tro Ùlpan.  Tha an dòigh teagaisg seo air a bhith ga chleachdadh ann an Iosrael, anns a’ Chuimrigh far a bheil Ùlpan air na milltean de luchd-ionnsachaidh a thoirt gu fileantas sna cànain acasan.

Dh'fhaodadh oileanaich aig diofar ìrean a bhith soirbheachail le Ùlpan.  Tha e freagarrach dha luchd-tòiseachaidh, ach le adhartas luath gu leòr son oileanaich a tha air beagan Gàidhlig ionnsachadh tro dhòighean eile.  Tha e cuideachd air a bhith soirbheachail dha oileanaich aig an robh Gàidhlig 's iad nam pàiste, 's e gan cuideachadh an cuid Ghàidhlig fhaighinn air ais.

Thèid clasaichean a theagasg tron Ghàidhlig, le glè bheag de Bheurla.  Tha abairtean feumail, gèamaichean agus còmhradh am broinn gach aonad, le obair dachaigh cuideachd a thèid a cheartachadh leis an oide.

Mar as trice, bidh oileanaich a' frithealadh dà chlas san t-seachdainn aig a' char as lugha.  Tha seo a' toirt dhaibh cothroman gach seachdainn Gàidhlig a chleachdadh, cothroman a bhith a' cuimhneachadh na tha iad ag ionnsachadh, agus seo a' toirt orra fearrachdainn gu bheil iad a' dèanamh adhartas.


Carson a dh'ionnsaicheas mi Gàidhlig?

Tha Gàidhlig a-nis gu h-oifigeil na cànan fo chunnart, air sàilleabh linntinn de ainneart.  Airson na Gàidhlig a bhith sàbhailte san àm ri teachd, feumaidh sinn luchd-
labhairt na Gàidhlig ùra. 

Tha mu 60,000 ann an Alba a’ bruidhinn na Gàidhlig, le tòrr a bharrachd a’ tuigsinn agus ag ionnsachadh a’ chànain.

Tha diofar adhbharan ann a tha a’ toirt air oileanaich Gàidhlig ionnsachadh:

loveit

Ach tha buannachdan eile rim faodainn tron a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Cosnadh

Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air fàs gu mòr, agus seo a’ ciallachadh gu bheil tòrr cothroman obrach ann an Gàidhlig, an dà chuid luchd-teagaisg agus luchd-taic na sgoile. 

Tha a’ Ghàidhlig na dheagh sgil son dreuchdan aig comhairlichean ionadail ‘s buidhnean poblach eile, na meadhanan agus an roinn chultarach.

Foghlam

Tron chùrsa Ùlpan, gheibh oileanaich na sgilean cànain a dh’fheumas iad son Gàidhlig a dhèanamh aig ìre fhoghlaim nas àirde. 

Faodaidh oileanaich cùrsa làn-ùine a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig, ‘s iad ag obair son ceum an sin no aig oilthigh eile.  Faodar Gàidhlig a chur còmhla ri teagasg, ceòl, leasachadh, eachdraidh ‘s cuspairean eile.

Bidh e na b’ fhasa do dh’oileanaich a dh’ionnsaich Gàidhlig cànain eile ionnsachadh, cuideachd.  A’ bharrachd air seo, cumaidh e d’ eanchainn fallain gus tinneas mar Alzheimers a sheachdnadh.

Cultar

Tha cultar na h-Alba làn beul-aithris, litreachas agus òrain na Gàidhlig.  Tha ùidh aig mòran oileanaich ann an seo, agus cuid dhiubh an sàs ann mar thà.  Tha Ùlpan a’ toirt cothrom dhaibh na sgilean cànain aca a leasachadh gus cultur na Gàidhlig a thuigsinn nas fheàrr.

Tron a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig, gheibh luchd-ealain, sgrìobhadairean, cluicheadairean ‘s ceòladairean fradharc eile.

Dualchas

Tha Gàidhlig na pàirt de dh’eachdraidh teaghlaich son mòran dhaoine ann an Alba.  Tha i cuideachd na pàirt mòr de dh’eachdraidh na h-Alba, agus tron a bhith ag ionnsachadh a’ chànain, faodaidh oileanaich tuigse na b’ fheàrr fhaighinn de sin.

The eachdraidh agus cultar nan Gàidheal an sàs sa chànan, agus tha mòran oileanaich airson eòlas fhaighinn air seo mus tèid a chall dhaibh.

Ciamar a bhios Ùlpan ag oibreachadh?

Ro-ràdh | Dòigh obrach | An ùine a dh'fheumas tu

Dè na tha e? | Goireasan do dh'oileanaich

Ro-ràdh

Levels

Tha 144 aonadan sa chùrsa Ùlpan, agus sia ìrean de 24 aonadan anns gach tè. 

Bheir e uair gu leth son gach aonad a dhèanamh, agus gach fear a’ leantainn an aon structar.  Bidh gach siamh aonad ag ath-sgrùdadh na còig aonadan a roimhe.

Nì oileanaich Ùlpan dà aonad gach seachdainn, air dà latha diofraichte.  Mar seo, cuiridh oileanaich crìoch air a’  chùrsa ann an dà bhliadhna.

Tha buidhnean eadar-dhealaichte air feadh na dùthcha, cholaistean ‘s comhairlean, a’ lìbhreagadh Ùlpan.  Bidh a’ phrìs, àite agus uair ag atharrachadh bho àite gu àite, ach bidh an cùrsa co-ionnan anns gach àite.

Dòigh obrach

Bidh Ùlpan a' cleachdadh labhairt mar dhòigh-ionnsachaidh.  Bidh thu a' bruidhinn Gàidhlig bhon a' chiad chlas a-mach, le glè bheag de Bheurla. 

Ionnsaichidh tu còrr is 12 abairtean anns gach clas le gèamaichean agus còmhraidhean stèidhichte orra, agus tòrr a bharrachd na sin. 

Cha bhitheas a' cur mòran cuideam air gràmar a theagasg mar chuspair leis fhèin, seach gun ionnsaich thu sin fhad 's tusa am broinn a' chànain an àite bruidhinn ma dheidhinn ann an cànan eile bhon taobh a-muigh.

Tha beagan teòiridh na chuideachadh nuair a bhios tu nas fhaide air adhart agus tha e deatamach 's tusa a' tòiseachadh air sgrìobhadh, ach sin sgil a tha nas fhasa a thogail nuair a bhios tu loma-làn fhuaimnean 's ruitheaman 's ceòlmhorachd a' chànain.

An ùine a dh'fheumas tu

Tha Ùlpan eadar-dhealaichte bho chùrsaichean tradaiseanta ann an iomadh dòigh, ach fear de na phrìomh dhòighean, ‘s e sin gum bi oileanaich Ùlpan a’ frithealadh dà chlas gach seachdainn.  Aig a’ cheann thall, cha bhi aon chlas san t-seachdainn èifeachdach.

Ma tha thu a’ smaointinn gu bheil sin cùs, na gabh dragh!  Chan toir sin ach 3-4 uairean a-mach à 168 uairean ann an seachdainn – bidh 164 uairean air fhàgail agad gus a h-uile rud eile a dhèanamh!

Feumaidh tu ùine ‘s oidhirp gus cànan, gu h-àraidh mion-chànan, ionnsachadh.  Chaidh an cùrsa Ùlpan a chruthachadh gus oileanaich a thoirt gu fileantas – ach chan ann bho chùrsa a-mhàin a gheibh thu fileantas ann, ach tro èisteachd agus bruidhinn a h-uile latha.  'S e mapa a th' ann an Ùlpan – ‘s tu fhèin a dh'fheumas coiseachd a dh'ionnsaigh do chinn-uidhe.

Dè na tha e?

Tha prìs cùrsa sònraichte an urra ris an t-solaraiche fa-leth, colaiste no comhairle.  Bidh oileanaich a’ pàigheadh mu £160 air 24 aonadan.  Tha 24 aonadan ann an Ìre agus tha sia ìrean ann uile gu lèir. 

Faodaidh tu ILA (cunntas-ionnsachaidh pearsanta) a chleachdadh le cùrsaichean Ùlpan.  Ma bhios tu airidh air ILA, thèid agad air ìsleachadh de £200 sa bhliadhna far na prìse fhaighinn.  Tuilleadh fiosrachaidh an seo.

Goireasan do dh'oileanaich

Cha eil aig oileanaich Ùlpan ri leabhraichean a cheannach – gheibh thu an stuth-ionnsachaidh bhon oide agad ann an clas.

Tha sinn air tòiseachadh air faidhlichean-fuaim a chruthachadh son gach aonad Ùlpan, agus faodaidh tu Ìre 1 (aonadan 1-24) fhaighinn san t-Samhain.  Thèid faidhlichean-fuaim nan ìrean eile a chur air bog nuair a bhios iad deiseil, thairis air na 18 mìosan a tha romhainn.

Cuideachd, gheibh gach oileanach a-steach do raonn nan oileanach air an làrach-lìn Ùlpan.  Tron làrach-lìn, gheibhear:

Ciamar a lorgas mi clas?

Airson liosta de chlasaichean fhaicinn, thoir sùil air an duilleag clasaichean againn.

Mura h-eil clasaichean san sgìre agad an seo, nach cuir thu post-d gu oileanaich@ulpan.co.uk

 
1.0.1