ulpan"

Ceistean

Cuir ceistean oirnn, agus nochdaidh na freagairtean an seo. Cuiridh sinn an fhreagairt thugadsa cuideachd! fios@ulpan.co.uk

Dè th’ ann an Ùlpan?

‘S e dòigh ùr gus Gàidhlig a theagasg do dh’inbhich a th’ ann an Ùlpan. Chaidh an siostam a chruthachadh an toiseach ann an Israel, gus cànan na dùthcha a thoirt do dhaoine. Tha comas labhairt na phrìomhachas air a’ chùrsa Ùlpan, agus structur laidir air gach aonad, le gèamaichean, còmhraidhean ‘s ath-innse air an cleachdadh gus comas labhairt nan luchd-ionnsachaidh a leasachadh.

Tha cùrsaichean a tha stèidhichte air an aon phrìonseapal air a bhith gu math soirbhicheil ann an dùthchanan eile, gu h-àraidh sa Chuimrigh. Chaidh tòrr rannsachadh a dhèanamh gus cùrsa Ùlpan a sgrìobhadh do Ghàidhlig na h-Alba, agus thòisich clasaichean Ùlpan ann an Alba ann an 2006/7. Bhon àm sin, tha barrachd na 100 oidean air an cùrsa trèanaidh a dhèanamh, le barrachd na 1000 luchd-ionnsachaidh.

Dè na h-amasan a th’ aig Ùlpan?

Tha dà amas ann:

Tha sinn airson barrachd luchd-ionnsachaidh a thoirt gu fileantas anns a’ Ghàidhlig, leis a bhith a’ togail air goireasan ionnsachaidh, leis a bhith a’ toirt trèanadh profeiseanta do dh’oidean gus clasaichean èifeachdach a theagasg, agus leis a bhith a’ toirt cothroman ionnnsachaidh do dh’oileanaich air feadh na dùthcha.

A bharrachd air sin, tha sinn airson airgead a chur ann am pòcaid nan Gàidheal airson an sgilean cànain, leis a bhith a’ toirt trèanadh agus cothroman obrach dhaibh.

Dè dh’fheumar a bhith nad oide?

Feumaidh comas labhairt a bhith agad agus deagh bhlas (litreachadh na bhònas!). An rud as chudromaiche, ‘s e sin gu bheil ùidh aig oidean ann an teagasg na Gàidhlig agus ùidh aig na oidean ann an daoine eile. Tha na h-oidean beòthail, tapaidh na h-oidean as fheàrr!

Dè thachras air a’ chùrsa trèanaidh?

Thèid dà latha den trèanadh a chumail an toiseach, far an tèid sgilean teagaisg a thoirt do na foghlamaich leis an trèanair Ùlpan, ann am buidheann, gun oileanach sam bith.

An uair sin, ann am buidheann a-rithist, nì na foghlamaich còig no sia laithean a bharrachd, còmhla ris an trèanair Ùlpan agus oileanaich. ‘S e seo cothrom dhaibh a bhith a’ teagasg “beò”, air beulaibh a’ chlas, le taic ‘s stiùireadh ann bhon trèanair.

Dè na tha e?

Tha prìsean eadar-dhealaichte ann do na foghlamaich a tha a’ faighinn taic bho bhuidheann air choirieign, agus do na foghlamaich nach eil. Ann an cuid de dh’àitichean, ma tha clasaichean gu leòr ann, ‘s ma dh’fhaodte gum b’ urrainn dhuinn Meantaireachd a chur air dòigh dhut, agus prìs nas ìsle a thabhann. B’ urrainn dhut ILA a’ cleachdadh le Ùlpan (www.ilascotland.org.uk). Airson barrachd fiosrachaidh, bruidhinn ris an Oifigear Trusadh Oidean.

Dè thachras an dèidh an trèanaidh?

Tha seo suas riut fhèin, ach b’ urrainn dhuinn do chuideachadh leis a bhith a’ cur air dòigh sèiseanan “blasad”, no a’ lorg cothroman teagasg ‘s oileanaich. Tha Oifigear Trusadh Oileanaich againn mar phàirt den sgioba Ùlpan, agus bidh esan deònach do chuideachadh le seo.

Ma tha ceist sam bith agad, no gus bruidhinn rinn tuilleadh air seo, nach cuir thu fòn no post-d gu Alasdair:

alasdair@ulpan.co.uk

01383 829 785.

1.0.1