ulpan"

Mu Ùlpan

About Us'S e dòigh luath agus èifeachdach gus cànan ionnsachadh a th' ann an Ùlpan. Tha e air a bhith ga chleachdadh gu soirbheachail fad còrr is 50 bliadhna ann an Iosrael, far an deach an siostam a chruthachadh an toiseach, agus anns a' Chuimrigh, far a bheil e air mìlltean de luchd-ionnsachaidh a thoirt gu fileantas ann an Cuimris.

Ann an Alba, tha còrr 's 4,000 oileanach air clàradh le Ùlpan bhon a chaidh a chur air bhonn ann an 2007.  Tha 144 aonadan sa chùrsa ùlpan, leis a' mhòr-cuid de dh'oileanaich a' dèanamh dà sheasan de 1.5 uairean a thìde air làithean eadar-dhealaichte san t-seachdain.

Airson tuillleadh fiosrachaidh, thoir sùil air an duilleig Ionnsachaidh againn.  

Airson liosta de na clasaichean a tha gan ruith an-dràsta, faic an duillleag Cùrsaichean.  Air no, nach cuir thu fios gu oileanaich@ulpan.co.uk

Trèanadh Oidean

Duine sam bith a tha miannach air Ùlpan a theagasg, tha aige ri cùrsa-trèanaidh an oide a thoirt gu buil ro-làimh. Tha seo na chùrsa a chaidh cruthachadh gu sònraichte gus na sgilean practigeach ionnsachadh a tha riantanach ri teagasg. An-dràsta, tha an cùrsa ga thabhann mar dà latha de thrèanadh-sgilean agus an uair sin, sia làithean de theagasg còmhla ri fìor chlas, agus bidh seo ga mheasadh. Às dèidh a' chùrsa, tha e comasach do dh'oide clàraichte a bhith ga fhastadh air a cheann fhèin, no airson clasaichean a lìbhrigeadh às leth bhuidhnean san roinn phoblaich a leithid de cholaistean agus de dh'ùghdarrasan ionadail.

Airson barrachd fiosrachaidh mu thrèanadh-oide, nach cuir thu fios do oidean@ulpan.co.uk.

1.0.1